Tighinn don Mhòd? Seo an stiùireadh goireasach againn mu faighinn a Phàislig agus faighinn timcheall aon uair ’s gu bheil sibh air ruighinn.
Faighinn Thugainn
Tha meadhan baile Phàislig turas càir 12-mionaid air falbh bho mheadhan baile Ghlaschu Bidh mòr-rathad an M8 a’ ruith tro Shiorrachd Rinn Friù air an t-slighe bho Ghrianaig / Glaschu / Dùn Èideann
‘S e Pàislig Sràid Gilmour am prìomh stèisean-rèile ann am Pàislig. Tha an ùine siubhail bho Stèisean Meadhain Ghlaschu gu Pàislig Sràid Gilmour nas giorra na 15 mionaidean. Tha Sràid Gilmour cuideachd air a’ phrìomh loidhne gu Grianaig, Guraig, an Leargaidh Ghallta agus Inbhir Àir. Tha an stèisean seo air a dheagh shuidheachadh airson a h-uile prìomh ionad sa Mhòd, agus e dìreach beagan mhionaidean coiseachd bhon mhòr-chuid dhiubh.
Bheir trèana Canàl Phàislig timcheall air leth-uair a thìde agus chan eil iad cho tric ri trèanaichean gu Sràid Gilmour. The Paisley Canal train takes around half an hour and are not as frequent as trains to Gilmour Street. Tha Stèisean Canàl Phàislig timcheall air deich mionaidean air chois gu meadhan a’ bhaile.
Tha Port-adhair Ghlaschu turas càir deich-mionaidean bho mheadhan baile Phàislig. Bidh busaichean a’ ruith gu cunbhalach eadar am port-adhair agus Stèisean Pàislig Sràid Gilmour, agus bidh busaichean eile a’ ruith gu dìreach a-steach a Ghlaschu.
Tha busaichean ann an Siorrachd Rinn Friù air an ruith le McGills agus First Bus Gheibhear tagsaidh tro ghrunn sheirbheisean leithid Renfrewshire Cab Co, Paisley’s Taxis, Craig Allen agus Glasgow Airport Cabs. Tha seirbheisean eile rim faighinn air-loidhne cuideachd.
Air sgàth dealas na Comhairle do Net Zero, agus leis gu bheil e furasta coiseachd timcheall meadhan baile Phàislig, chan eil busaichean-aiseig a’ ruith eadar na h-ionadan Ma dh’fheumas bhur còisir no club bus fhastadh gus faighinn bhon àite-fuirich agaibh chun ionaid agaibh, bidh grunn chompanaidhean fastaidh prìobhaideach a’ frithealadh na sgìre. Nam measg tha Scotland Coach Company, Boyd Coach Hire, McGills Private Hire agus Stravaigin Minicoaches. Tha seirbheisean eile rim faighinn air-loidhne cuideachd.
A’ faighinn timcheall nan ionadan
Tha cha mhòr a h-uile rud am-bliadhna a’ tachairt ann am meadhan baile Phàislig. Tha na prìomh ionadan uile taobh a-staigh cuairt shocair deich-mionaidean bho chèile.
Tha ionad no dhà taobh a-muigh meadhan baile Phàislig:
- Tha Ionad Tannahill agus Siorcas Coimhearsnachd Phàislig ri taobh a chèile ann am Ferguslie, dìreach an iar air meadhan Phàislig . Phàislig Bidh busaichean cunbhalach a’ dol gu na dhà agus tha iad timcheall air còig mionaidean deug ann an càr air falbh bho mheadhan a’ bhaile. Tha pàirceadh ri fhaighinn ann.
- Tha Raointean-cluiche Rìgh Deòrsa V ann an Rinn Friù. Tha an goireas spòrs ùr-nodha seo mu dheich mionaidean ann an càr gu ear-thuath meadhan baile Phàislig. Tha pàirceadh ri fhaighinn ann. Chan eil stèisean-rèile aig Rinn Friù, agus mar sin is e busaichean an roghainn còmhdhail phoblaich as fheàrr. Ma tha sibh a’ tighinn à Pàislig, gabhaibh bus McGills 21, a’ falbh bho Shràid Smithhill, a thèid gu dìreach gu Raointean-cluiche Rìgh Deòrsa V.
Pàirceadh
Ma tha sibh a’ toirt càr leibh, gheibh sibh àiteachan-pàircidh gu leòr ann am Pàislig. Tha làrach-lìn Comhairle Siorrachd Rinn Friù a’ toirt comhairle air pàirceadh ann am meadhan a’ bhaile. Cho math ri pailteas pàircidh air an t-sràid, tha 19 pàircean chàraichean air an ruith leis a’ chomhairle, le measgachadh de roghainnean fuirich goirid is fada.
Taobh a-muigh meadhan a’ bhaile, tha na pàircean chàraichean aca fhèin aig Ionad Tannahill agus Siorcas Coimhearsnachd Phàislig ann am Ferguslie, agus Raointean-cluiche Rìgh Deòrsa V ann an Rinn Friù.