Tha e furasta faighinn gu Pàislig. Agus nuair a ruigeas sibh, tha e furasta faighinn timcheall!
Tha ceanglaichean còmhdhail fìor mhath againn leis a’ chòrr de dh’Alba agus an Rìoghachd Aonaichte.
Air trèana
Is e Stèisean Pàislig Sràid Ghille Mhoire an ceathramh stèisean rèile as trainge ann an Alba le seirbheisean cunbhalach a Ghlaschu agus Siorrachd Àir/Inbhir Chluaidh.
Cha toir an turas-rèile gu Stèisean Meadhan Ghlaschu fiù 15 mionaidean.
Bidh seirbheisean rèile cuideachd aig na stèiseanan a leanas ann an Siorrachd Rinn Friù:
- Canàl Phàislig
- Pàislig Naomh Seumas
- Hawkhead
- Baile Eòin
- Pàirc Mhaolagain
- Howwood
- Loch Uinneach
- Baile an Easbaig
Air bus
Tha grunn sheirbheisean aig McGill’s ann am Pàislig agus timcheall air, le còrr is 70 bus san uair a’ frithealadh meadhan baile Phàislig.
Is iad na busaichean 17, 38 is 26 a bhios a’ dol bho mheadhan baile Ghlaschu gu Pàislig. No à Siorrachd Rinn Friù no eadhon Inbhir Chluaidh, dealbhaichibh turas air an app an-asgaidh aig McGill’s, gus an t-seirbheis as fheàrr a lorg, tiogaid fhaighinn agus coimhead air a’ bhus a’ ruighinn an stad ann am fìor ùine!
Ann an car
Tha meadhan baile Phàislig 12 mionaid air falbh bho mheadhan baile Ghlaschu ann an càr.
Bidh mòr-rathad an M8 a’ ruith tro Shiorrachd Rinn Friù air an t-slighe eadar Grianaig / Glaschu / Dùn Èideann.
Ma thig sibh a Phàislig bhon Ghàidhealtachd agus taobh siar na h-Alba gabhaibh an t-slighe tarsainn Abhainn Chluaidh air Drochaid Arasgain.
Air plèana
Chan eil Port-adhair Ghlaschu ach còig mionaidean air falbh bho mheadhan Phàislig ann an càr.