Skip to content

Mòd Phàislig 2023

Friday 13th – Saturday 21st October 2023

Mu Phàislig

Sàr ailtireachd am pailteas. Làn iongantasan. Tha Pàislig a’ feitheimh oirbh!

Tha e furasta coiseachd mu mheadhan a’ bhaile againn. Bho Abaid shuaicheanta Phàislig gu Coats Paisley eireachdail agus am Muileann Anchor mòrail, bidh sibh airson coimhead an-àirde fad na h-ùine!

Thug am Pàtran cliùiteach ainm Phàislig air feadh an t-saoghail. Bha Pàislig aig cridhe malairt clòtha na cruinne. Tha dìleab na h-ùine sin fhathast ri fhaicinn an-diugh agus sibh a’ coiseachd timcheall a’ bhaile.

Tha Pàislig làn eaglaisean, stìoballan, gàire agus iongnadh. Thigibh is faicibh dhuibh fhèin.

Sgeul a chaidh a shnìomh thar nan linntean

Tha dualchas beairteach Phàislig a’ sìneadh air ais còrr is 1,000 bliadhna. Tha e a’ toirt a-steach rìoghalachd, radaigeachd agus gaisgich nàiseanta.

Rugadh a’ chiad rìgh Stiùbhartach, Raibeart II, ogha don Rìgh ainmeil Raibeart Brus, ann an Abaid Phàislig ann an 1316. Is dòcha gur b’ e Sir Uilleam Uallas an t-Albannach as ainmeile a bh’ ann a-riamh, agus rugadh e ann am baile Ach na Feàrna faisg air làimh. Canar gun d’ fhuair e foghlam le manaich Abaid Phàislig.

Chì luchd-tadhail uinneag ghlainne-dhathte coisrigte do Ghaisgeach na h-Alba agus iomadh ìomhaigh is gràbhaladh iongantach. Le Drèana Mòr na h-Abaid (is dòcha trannsa dhìomhair sna meadhan aoisean) a’ ruith fon làr, dh’fhaodte a ràdh gu bheil eachdraidh dha rìreabh a’ laighe fo ar casan.

Tha an t-adhar làn stìoballan agus mullaichean àrda

Seallaibh an-àirde! Is e glè bheag de bhailtean de mheud Phàislig ’s a bheil seallaidhean cho breagha.

Is e Abaid Phàislig an comharra-tìre as aithnichte sa bhaile. Ach tha seudan ailtireachd anns gach àite.

B’ e ‘cathair-eaglais Bhaisteach na h-Eòrpa’ a bh’ air Coats Phàislig nua-Gothic aig aon àm. A rèir cuid, ’s e Eaglais an Naoimh Mhata ‘an eaglais Art Nouveau as cudromaiche san Roinn Eòrpa’.

Chithear dìleab sliochd nan snàithlean Coats agus Clark air feadh a’ bhaile. Am measg nan togalaichean a thog iad tha Talla Baile Phàislig, Amharclann Coats agus Taigh-tasgaidh Phàislig.

Coimheadaibh a-mach airson togalaichean muilne, carraighean-cuimhne agus ìomhaighean fhad ’s a bhios sibh a’ coiseachd timcheall Phàislig.

Freumhan radaigeach

Tha traidisean radaigeachd fada agus pròiseil ann am Pàislig.

Thàinig an traidisean seo am follais ann an connspaid ainmeil eadar na breabadairean a rinn seàllan Phàislig agus na ‘manaidsearan meadhain’ aca san 19mh linn (na ‘corcs’). B’ i a’ cheist nach robhas gam pàigheadh airson snàthainn cotain fhuaigheal a bha a’ cumail an aodaich ri chèile – an sma’ shot.

Bithear a’ comharrachadh buaidh nam breabadairean gach Iuchar le Latha Sma’ Shot. Is e seo aon de na fèisean luchd-obrach as sine san Rìoghachd Aonaichte.

Faodar ionnsachadh mu bheatha iongantach nam breabadairean aig na Sma’ Shot Cottages.

Am pàtran a dh’atharraich a h-uile càil

Bha sgilean breabadairean Phàislig a’ ciallachadh gun robh am baile ann an deagh shuidheachadh nuair a dh’fhàs moitif ann an cruth deòir à Kashmir fasanta air feadh na Roinn Eòrpa.

B’ ann san 18mh linn a thàinig Pàtran suaicheanta Phàislig am bith. Air a chaitheamh le daoine ainmeil bhon Bhanrigh Bhioctoria gu Na Beatles tha fèill mhòr air feadh an t-saoghail!

Cotton Street, Silk Street, Gauze Street… thoiribh cuairt bheag timcheall meadhan a’ bhaile agus innsidh ainmean nan sràidean gun do rinn Pàislig clò, agus gun do rinn clò Pàislig.

Am baile a thogadh le snàithlean

Eadar deireadh na 18mh agus meadhan na 19mh linn, dh’atharraich an Tionndadh Gnìomhachais Pàislig gu bhith na neart eaconamach.

Fhuair e ainm mar ‘am baile a thogadh le snàithlean’ agus bha dà chompanaidh teaghlaich – na Coats and na Clarks – air tùs a’ ghnothaich.

Càite a b’ fheàrr na Taigh-tasgaidh Muileann Snàith Phàislig airson an eachdraidh shòisealta inntinneach seo ionnsachadh.