Fàilte
Tha a h-uile duine ann am Buidheann Riaghlaidh Ionadail Mòd Phàislig 2023 a’ cur fàilte oirbh a Phàislig!
Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cumail prìomh fhèis na h-Alba airson cultar is dualchas na Gàidhlig airson an dàrna turais. Chòrd e rinn gu mòr fàilte a chur oirbh a Phàislig ann an 2013. Tha sinn cinnteach gum bi tachartas na bliadhna-sa a cheart cho soirbheachail, mura bi e nas fheàrr buileach.
Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gun tog Mòd na bliadhna-sa ìomhaigh chultarail na Gàidhlig ann an taobh siar meadhan na h-Alba agus gum faigh luchd-tadhail gach buannachd a tha aig Pàislig is Siorrachd Rinn Friù ri thabhann.
Bidh rudeigin ann airson a h-uile duine – ge bith a bheil sibh a’ gabhail pàirt ann am farpais, a’ dannsa aig cèilidh, a’ cumail taic ri teaghlach is caraidean no dìreach a’ tadhal air an sgìre againn.
Tha sinn an dòchas gun còrd an turas ribh!