Gheibhear Prògram a’ Mhòid aig a’ cheangal seo::
Tha Prògram Iomall a’ Mhòid cuideachd ri fhaotainn aig a’ cheangal seo:
Prògram Iomall a’ Mhòid (pdf)
Dihaoine 13 Dàmhair
Breabach: Cuirm Fosglaidh a’ Mhòid 2023 (Talla Bhaile Phàislig, 7.30pm)
Cuirm-chiùil le cuid de na cliuchaidearan ’s cliùitiche an Alba.
Disathairne 14 Dàmhair
Cupannan Camanachd a’ Mhòid (King George V Playing Fields – Renfrew, 10.30am/12pm/2pm)
Cupa Ball-coise a’ Mhòid (King George V Playing Fields – Renfrew, 3pm)
Ar Cànan ‘S Ar Ceòl (Talla Bhaile Phàislig, 7.30pm)
Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho Shiorrachd Rinn Friù.
Didòmhnaich 15 Dàmhair
Cuairt Nàdair Gàidhlig (Fountain Gardens, 2pm)
Faigh eòlas air na gàrraidhean poblach as sine ann am Pàislig timcheall air an Fhuaran Grand Central.
Seirbheis Eaglais a’ Mhòid (Abaid Phàislig, 2.30pm)
Aifreann Gàidhlig (Cathair-eaglais Naomh Mheadhrain, 5pm)
Ceòl Soisgeulach Cheilteach (Talla Meathodach, 7pm)
Diluain 16 Dàmhair
Sruth “Buainidh Aon Fhacal Ceud” (Talla Bhaile Phàislig, 10am-4pm)
Cothrom do dh’òigridh tighinn a bhruidhinn ri cuid de na rionnagan as ainmeil air a’ Ghàidhealtachd.
Bùithean-obrach Sgilean Siorcas Gàidhlig (Siorcas Coimhearsnachd Pàislig, 1.30pm & 3pm)
Thigibh ann agus feuchaibh na tachartasan againn agus ionnsachaichibh beagan Gàidhlig aig an aon àm.
Cèilidhean Chloinne (Aonadh nan Oileanach, 7pm)
Pailteas spòrs don chloinn, le ceòl, geamannan agus gu leòr dannsa. Air a lìbhrigeadh le taic bho Chomunn na Gàidhlig.
Farpais Ullachaidh Cogadh nan Còmhlan (Eaglais Re:Hope, 7pm)
Farpais a tha a’ taisbeanadh an tàlant ùr ann an saoghal na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta.
Dimàirt 17 Dàmhair
Sruth “Buainidh Aon Fhacal Ceud” (Talla Bhaile Phàislig, 10am-4pm)
Cèilidhean Chloinne (Aonadh nan Oileanach, 7pm)
Farpais Crìochnachaidh Cogadh nan Còmhlan (Eaglais Re:Hope, 7pm)
Gheibh an còmhlan a bhuannaicheas cothrom clàraidh còmhla ri Stiùidio JJ Recordings, Pàislig.
The Frances Tolmie Collection Concert – Gun Sireadh Gun Iarraidh (Talla Bhaile Phàislig, 8pm)
Thigibh còmhla ri Ainsley Hamill agus Ceana Chaimbeul ann an cuirm a chaidh a chruthachadh às ùr gus cruinneachadh òrain Ghàidhlig ath-obraichte Frances Tolmie: Gun Sireadh Gun Iarraidh fhoillseachadh.
Diciadain 18 Dàmhair
Latha Litreachas (Paisley Town Hall, 12pm
Bidh sinn a’ comharrachadh farpaisean litreachas a’ Mhòid le bhith a’ toirt seachad duaisean airson earrainnean sgrìobhaidh, ealain agus meadhanan airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.
100 Bliadhna nam Bàrd (Talla Bhaile Phàislig, 2pm)
Tachartas sònraichte leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus a’ foillsichear leabhraichean Gàidhlig, CLÀR, gus leabhar ùr a chur air bhog.
Farpaisean Criochnachaidh An Aigeallain Airgid (Talla Bhaile Phàislig, 2pm)
Òrain bho sheinneadairean fireann is boireann aig an ìre as àirde agus iad a’ farpais airson an Aigeallan Airgid.
Còmhradh nam Bàrd (Talla Bhaile Phàislig, 3pm)
Bidh Pàdraig MacAoidh, Bàrd a’ Chomuinn 2022 ann an còmhradh le bàrd ùr a’ Chomuinn 2023.
Somhairle MacGill-Eain – Na Bhriathran Fhèin (Talla Bhaile Phàislig, 4.30pm)
Cothrom Còmhraidh – Nach tig sibh cùide ri Jo NicDhòmhnaill agus Màiri Sìne Chaimbeul agus iad a’ bruidhinn mun leabhar ùr – Somhairle MacGill-Eain – Na Bhriathran Fhèin.
Drama a’ Mhòid (Tèater Òigridh PACE, An Roinn Ealain, 7pm)
Oidhche gu math beòthail le buidhnean-dràma nan coimhearsnachdan ionadail air feadh Alba is iad a’ feuchainn gu cruaidh airson roinn farsaing de dhuaisean.
Farpaisean Crìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn (Talla Bhaile Phàislig, 7.30pm)
Òrain bho sheinneadairean fireann is boireann aig an ìre as àirde agus iad a’ farpais airson Bonn Òr A’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Diardaoin 19 Dàmhair
Taisbeanadh Didseatach Ealain na Gàidhealtachd 2023 (Talla Bhaile Phàislig, 12.30pm)
Farpais Latharna Agus An t-Siorraim (Talla Bhaile Phàislig, 1.30pm)
Còisearan a’ farpais airson Sgiath Lathairne agus Cuach Cuimhneachaidh an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul.
Cèilidh Fàilteachais (Tannahill Centre – Ferguslie, 5pm)
Cuirear fàilte chridheil oirbh a thighinn a chomharrachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail le measgachadh farsaing de luchd-ciùil, Dannsa Cèilidh, biadh is sgeulachdan bho air feadh an t-saoghail.
Farpais Crìochnachaidh An t-Seann Nòis (Talla Bhaile Phàislig, 7.30pm)
Na seinneadairean traidiseanta aig an ìre as àirde a’ farpais airson Bonn Òr Thraidiseanta Mhàiri NicLaomainn.
Friog-frag Pàislig (Talla Bhaile Phàislig, 8.30pm)
Sùil èibhinn air ar guthan agus ar faclan fhèin, air a rannsachadh tro litrichean labhairt gu Pàislig agus Glaschu.
Dihaoine 20 Dàmhair
Farpais Thulaich Bhàrdainn & Mairead NicDhonnchaidh (Talla Bhaile Phàislig, 1.30pm)
Na còisirean sgìreil a’ farpais airson Sgiath Mhic Shimidh is Thulaich Bhàrdainn & Cuach Cuimhneachan Màiread NicDhonnaidh.
Fàilte Gu BSL by Evie Waddell (Talla Bhaile Phàislig, Workshop 4.30pm & Show 8pm)
Tha eòlas air ceangal cruthachail agus poilitigeach tro aonaranachd aig cridhe an taisbeanaidh bheothail seo.
Disathairne 21 Dàmhair
Co-Chòisirean (Taobh a-muigh Talla Bhaile Phàislig, 10.30am)
Thigibh còmhla ri na còisearan gu lèir gus crìoch iomchaidh a chuir air Mòd.
Spooky Samhain Family Cèilidh (Aonadh nan Oileanach, 1pm)
Comharraich Oidhche Shamhna agus Fèis na Samhna anns an dualchas Ghàidhlig le cèilidh teaghlaich, sgilean siorcais, spòrs chloinne, geamaichean is ealain.
The Reeling x Mòd Phàislig 2023 (Talla Bhaile Phàislig, 7pm)
Is e an còmhlan folk-electronica lùthmhor Niteworks a bheir am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu crìoch iongantach.
13 – 21 Dàmhair
Club Fèis a’ Mhòid (The Sneddon, Pàislig)
‘S e Club Fèis a’ Mhòid an t-àite airson fois a ghabhail, coinneachadh ri caraidean agus tlachd fhaighinn às a h-uile càil a tha a’ dol aig Mòd Phàislig.
Mòd Phàislig 2023 Anmoch & Beò (Various venues)
Faigh eòlas air ceòl beò traidiseanta agus Gàidhlig bho chuid de na h-aoighean as fheàrr anns a’ ghnìomhachas sna taighean-seinnse againn ann am Pàislig.
16 – 20 Dàmhair
Clubaichean Cloinne le Fèis Phàislig (Various venues)
Seisean ann an stoidhle campa saor-làithean, a ruitheas gach latha fad seachdain an Dàmhair air a stiùireadh le Fèis Phàislig.
Bookbug Gàidhlig (Various venues)
Òrain is gàireachdainn aig na seiseanan Bookbug sna leabharlannan againn, le blas Gàidhlig!