Toraidhean
Fàilte
Às leth na Comataidh Ionadail bu mhath leam fàilte chridheil a chur oirbh uile gu Mòd Phàislig 2023.
Chaidh am Mòd a chumail an seo ann an 2013 agus tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Prìomh Fhèis na Gàidhlig air ais dhan bhaile.
Ged a tha a’ Ghàidhlig aig cridhe a h-uile càil aig a’ Mhòd, bidh rudeigin ann dhan a h-uile duine, fiù ‘s an fheadhainn aig nach eil Gàidhlig agus tha seo gu sònraichte fìor mu Phrògram an Iomaill.
Tha rudeigin aig Iomall a’ Mhòid am-bliadhna dhan a h-uile duine. Tha rudeigin aig Iomall a’ Mhòid am-bliadhna dhan a h-uile duine. Prògram slàn de thachartasan chloinne a’ gabhail a-steach Clubaichean Chloinne Gàidhlig agus seiseanan Bookbug chan ann a-mhàin ann am Pàislig ach cuideachd ‘air chuairt’ ann an Siorrachd Rinn Friù
Tha sreath de Chèilidhean Teaghlaich ann cuideachd a’ gabhail a-steach cèilidh iomachultarach ann an Ionad Tannahill agus cèilidh Oidhche Shamhna.
Bidh ceòl beò ann an taigheanseinnse timcheall meadhan a’ bhaile a fhreagras air raon farsaing de bhlasan, agus airson a’ chiad uair bidh Club Oifigeil Fèis a’ Mhòid ann. Bidh seo anns an Sneddon air Seann Shràid Sneddon ri taobh Stèisean Sràid Gilmour.
A-measg nan tachartasan iomaill bidh cuirm-chiùil a’ comharrachadh foillseachadh Cruinneachadh Francis Tolmie agus cuirm crìochnachaidh iongantach nuair a chluicheas an còmhlan Niteworks
an aon chuirm Albannach aca den bhliadhna ann an Talla Bhaile Phàislig.
Gu h-iomlan, tha Iomall na bliadhnasa a’ gealltainn a bhith trang agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bh’ur faicinn ann.
Aonghas Fearghastan, Cathraiche na Comataidh Ionadail
Dè tha dol
Gheibhear Prògram a’ Mhòid aig a’ cheangal seo::
Mòd Phàislig 2023 Prògram Farpaisean a’ Mhòid
Tha Prògram Iomall a’ Mhòid cuideachd ri fhaotainn aig a’ cheangal seo: